Balach na Bonaid

Author: James Robertson
Illustrators: Jojo Norris
Age group:
Publisher:
Big Sky Press
Type of book: Fiction
Available Languages: Scottish Gaelic
Available Formats: Paperback

Tha Niall a’ fuireach còmhla ri sheanmhair agus an cat beag glas aca ann an taigh beag geal ri taobh na mara. Aon latha, an dèidh dha damh mòr eireachdail fhaicinn, tha Niall a’ fàgail sàbhailteachd a’ ghàrraidh air cuairt-dànachd dhan choille. Chan eil còir aig Niall a dhol faisg air a’ choille dhorcha oir tha Ùruisg ann, a tha a sheanmhair air innse dha a dh’itheas gillean beaga son a dhìnnear!

Leugh mun chuairt-dànachd aig Niall tron choille agus mar a rinn e car a’ mhuiltein, a’ goirteachadh a chas agus a’ dol air chall. Ciamar is urrainn dha a charaidean Niall a chuideachadh dhachaigh mus lorg an t-Ùruisg e? Chan eil fios aig duine dè an coltas a th’ air Ùruisg le sin ’s dòcha gum bi beagan eagal ort!
Leugh seo agus thèid thu fhèin air chall - chan ann idir an coille dhorcha far a bheil Ùruisg eagalach a’ tàmh - ach ann an leabhar sgoinneil far a bheil dealbhan àlainn le Jojo Norris.

- Rosemary Ward, Director of the Comhairle nan Leabhraichean

Rate it:

No votes yet

Average rating:

You may also like

Really Weird Removals.com

Author: Daniela Sacerdoti
Age group:

We're in the Wrong Book!

Author: Richard Byrne
Age group: